Turasan Dualchasach Gàidhlig
Is urrainn dhuinn turasan siubhal sheallaidhean na h-Alba a chur air dòigh fo stiùir dhraibhear ann an comhfhurtachd sàr-char mòr Volvo V70. Bidh na turasan gu mòr an urra ris na tha luchd-siubhail ag iarraidh agus tha taghadh farsaing ann eadar m.e. turas leth-latha taobh a-staigh astar-siubhail à Dùn Èideann, agus turas a mhaireadh is dòcha 2 or 3 làithean chun Ghàidhealtachd is na h-Eileanan an Iar.
Turasan Dualchasach Gàidhlig - Tha roghainn ann a dhol air turasan gu sgìrean anns a bheil eachdraidh dhualchasach na Gàidhlig air a' Ghàidhealtachd & na h-Eileanan an Iar ann an cois ar draibhear Gàidhealach a chaidh a thogail ann an dualchas na Gàidhlig agus a tha fiosrachail mu àiteachan eachdraidheil, ainmean-àite Gàidhlig, sgìrean far a bheil cridhe na cànain, àiteachan dualchasach ainmeil is eile.
Air leithid de thuras, faodaidh sibh beagan Gàidhlig ionnsachadh, a'Ghàidhlig a th'agaibh a chleachdadh, ur sinnsearachd a lorg is eile, turas a dh'fhaodadh a bhith gu math ion-chuimhneachail dhuibh an luib dualchas prìseil Gàidhlig na h-Alba. Faodar fad an turais agus a'chosgais obrachadh a-mach a-rèir feumalachdan an luchd-turais fhèin, agus faodar a bhith sùbailte le sin. Bi an draibhear/neach-stiùiridh agaibh an còmhnaidh modhail, spèiseil, agus fiosrachail, agus cumaidh e ri inbhe proifeasanta an còmhnaidh.
Faodaidh turasan Slighe an Uisge-bheatha toirt a-steach turas fad-latha chun Ghàidhealtachd/Taobh Spèidh agus, mas e ur toil e, faodar an latha a thoirt gu crìch le dìnnear ion-chuimhneachail aig m.e. Taigh-òsta Craigellachie anns a' bhaile fhèin sin, far a bheil stòras mòr de Uisgeachan-beatha na h-Alba ri fhaicinn agus rim blasad. Mar a bhiodh dùil, cha ghabh an draibhear agaibh blasad sam bith den uisge-beatha seo ach draibhidh e sibh gu taighean-staillinn sam bith air a bheil sibh airson tadhal, gus am faigh sibh blasad den Uisge Beatha as fheàrr leibh.
Bheirear suim seachad le iarratas, ach mar shlat-tomhais coitcheann cosgaidh turasan leithid seo timcheall air £25 san uair a thìde.
Bidh sinn toilichte ar seirbheisean a thabhann dhuibh.
|