Seirbheis Còmhdhail Clàrsaich

Clàrsach mhòr

Tha eòlas fad iomadach bliadhna aig An Darach Earranta ann a bhith a'gluasad ionnstramaidean ciùil mòr gu sàbhailte, gu sònraichte Clàrsaichean Mòra agus Clàrsaichean beaga (Ceilteach). Leis a'char mòr Volvo V70 againn, is urrainn dhuinn Clàrsach Mòr a ghluasad agus àite gu leòr fhathast airson dithis luchd-siubhail, no 5-6 clàrsaichean beaga le àite gu leòr do dhithis luchd-siubhail.

Tha sinn deònach luchd-siubhail a choinneachadh aig no an toirt gu puirt-adhair no stèiseanan-rèile. Airson na h-ionnstramaidean a ghiùlain gu sàbhailte, dh' fheumadh còmhdach a bhith orra mu thràth (bog no cruaidh). Gheibhear sùimean turais fa-leth le iarratas.

Tha an t-seirbheis seo gu sònraichte feumail do Chlàrsairean a tha a'frithealadh Fèisean Ciùil Albannach gach bliadhna no farpaisean m.e. Fèis Chlàrsaich Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann (Giblean) no Am Mòd Nàiseanta Rìoghail (Dàmhair).

Bidh sinn toilichte ar seirbheisean a thabhann dhuibh.