Prìomh-sheirbheis Tacsaidh le Draibhear

Caisteal Dhun Eideann

Is e companaidh-teaghlaich beag stèidhichte an Dùn Èideann a th'anns An Darach Earranta agus tha sinn a' tabhann seirbheis tacsaidh prìobhaideach, le cead bho Chomhairle Baile Dhùn Èideann, taobh a-staigh agus taobh a-muigh Dhùn Èideann, a tha deònach luchd-siubhail a thoirt a dh' àite sam bith san RA. Thathas a'cleachdadh car mòr fèin-ghluasadach spaideil Volvo V70 (le suidheachain mòra do luchd-siubhail/siostam glainead àile/suidheachain leathar teasaichte is eile), agus gheibh sibh car sàbhailte comhfhurtail le draibhear, ceadaichte airson suas ri ceithir luchd-siubhail le bagannan a ghiùlain.

Bheir sinn dhuibh sùim aon-phrìseil airson turas sam bith ach tha sinn gu sònraichte a' tabhann turasan aon-phrìseil gu no bho na puirt-adhair - Puirt-adhair Dhùn Èideann/Ghlaschu/Prestwick - no àite sam bith san RA mas e sin ur toil. Gheibhear sùimean airson turasan puirt-adhair sam bith agus tha na h-ìrean againn gu math fairpaiseil. Is urrainn dhuinn coinneachadh ri luchd-turais aig na puirt-adhair.

Tacsaidh

Is urrainn dhuinn buidhnean suas ri 4 duine a thoirt gu no bho àite neo tachartas spòrsail sam bith, m.e. farpaisean goilf, Tattoo Armailteach Dhùn Èideann, Fèisean, Turasan gu Taigh-dheilbh is eile. Chuirear fàilte air cùmhnantan le gnìomhachasan no le taighean-òsta. Tha e comasach dhuinn cunntasan a chur thugaibh gach mios.

Bidh sinn toilichte ar seirbheisean a thabhann dhuibh.