Fiosrachadh mun Ghàidhlig
Is urrainn dha An Darach Earranta Seirbheis Fiosrachaidh Gàidhlig a thoirt seachad do neach no buidheann sam bith a tha ag iarraidh ath-shealladh coitcheann air saoghal na Gàidhlig, na leasachaidhean a tha a'dol air adhart, seirbheisean foghlaim, leasachaidhean poileataigeach, aistean 's na pàipearan-naidheachd is eile.
Gheibhear iris chunbhalach de chuspairean naidheachd anns am biodh ùidh aig luchd-leughaidh no luchd-taic na Gàidhlig, còmhla ri clàr-innse ùraichte bho àm gu àm. Faodaidh seo a bhith a' toirt a-steach artaigealan sgrìobhte 'sa Bheurla agus/no 'sa Ghàidhlig, a'toirt a-steach brathan-naidheachd, sgrìobhaidhean mun Ghàidhlig is an leithid. Tha e comasach dhuinn sùil a chumail air leasachaidhean cànain a bheir buaidh air a'Ghàidhlig agus cuideachd air mion-chànanan eile san RA gu cunbhalach. Faodar beachdachadh air iarratas sam bith a thaobh rannsachaidh a dhèanamh air raon leasachaidh Gàidhlig sam bith a-rèir a'chlàr-ama a tha air a stèidheachadh.
Bidh sinn toilichte ar seirbheisean a thabhann dhuibh.
|